|
|
An t-Eilean Muileach, an t-eilean àghmhor,
An t-Eilean grianach mu'n iath an sàile;
Eilean buadhmhor nam fuarbheann àrda;
Nan coilltean uaine, 's nan cluaintean fàsail
1
Ged tha mi 'm 'fhògarrach cian air m'aineol
'S a' Chaisteal Nuadh, 's an taobh tuath de Shasunn,
Bith'dh tìr mo dhuthchais a' tigh'nn fainear dhomh,
An t-Eilean Muileach bu lurach beannaibh
An t-Eilean Muileach, etc.
2
B'fhallain, cùbhraidh 's bu réidh an t-Sailean,
Le 'bhlàthan maoth-bhog 'bu chaoine fàileadh:
Bu ghlan na bruachan mu'n d'fhuair mi m'àrach
An Doire-'chuilinn aig bun Beinn-bhàirneach.
An t-Eilean Muileach, etc.
3
Air Lusa chaisleach nan stac 's nan cuartag,
Bhiodh bradain thàrr-gheal nam meanbh-bhall ruadh-bhreac,
Gu beò-bhrisg, siùbhlach, le sùrd ri lùth-chleas
'N a cuislibh dù-ghorm gun ghrùid, gun ruadhan.
An t-Eilean Muileach, etc.
4
Bu chulaidh-shùgraidh do dh 'òg fhir uallach,
Le gathan tri-mheurach, rinneach, cruaidh-ghlan,
Air caol-chroinn dhìreach, gun ghiamh, gun chnuac-mheòir,
'Bhi toirt nan làn-bhreac gu tràigh mu bruachan.
An t-Eilean Muileach, etc.
5
'Be'n sòlas-inntinn leam a bhi 'g èisdeachd
Ri còisir bhinn-ghuthach, ghrinn a' Chéitein
A' seinn gu sunndach an dlùth 's nan geugan -
A' choill' fo liath-dhealt', 's a' ghrian ag éirigh!
An t-Eilean Muileach, etc.
6
Chlaon gach sòlas dhiubh sud mar bhruadar,
'S mar bhristeadh builgean air bhàrr nan stuadh-thonn:
Ach soraidh slàn leis gach loinn 'us buaidh
A bh'air eilean àghmhor nan àrd-bheann fuara.
An t-Eilean Muileach, etc.
|
|